Log In / Register
December
10
2020

Education Scotland are delivering a series of numeracy webinars for practitioners in GME. This particular webinar will focus on number and number processes within the Broad General Education and is aimed at practitioners working at Early Level through to Fourth Level. The session will complement the Numeracy Professional Learning Resources which can be found by clicking here. Within this webinar we will further explore effective learning, teaching and assessment approaches in relation to number and number processes and provide opportunities for self-reflection. Practitioners will have the opportunity to hold their discussions through the medium of Gaelic.

This webinar will take place on Microsoft Teams and a Glow login will be required to access it. Joining instructions will be sent to you at a later date.

--

Tha Foghlam Alba a’ lìbhrigeadh sreath de dh’oideachaidhean-lìn airson luchd-teagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bidh an t-oideachadh-lìn seo ag amas air àireamh agus pròiseasan àireimh taobh a-staigh an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn, agus bithear ag amas orrasan a tha ag obair bho Ìre Thràth suas chun na Ceathramh Ìre. Bidh an seisean a' dol còmhla ris na Goireasan Ionnsachadh Proifeiseanta air Àireamhachd, a gheibhear tron cheangal seo. San oideachadh-lìn seo, bidh sinn a’ beachdachadh tuilleadh air dòighean èifeachdach airson ionnsachadh, teagasg agus measadh a thaobh àireamh agus pròiseasan àireimh, a bharrachd air cothroman a thoirt airson fèin-chnuasachadh. Bidh cothrom aig luchd-teagaisg an cuid chòmhraidhean air a’ ghoireas a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh an t-oideachadh-lìn seo a’ tachairt air Microsoft Teams, agus bidh feum agad air clàradh a-steach airson Glow gus cothrom a ghabhail air. Thèid fiosrachadh airson pàirt a ghabhail ann a chur thugad nas fhaisge air an latha.

Book now